Airgead gu leòr airson Raon Poblach Phort Rìgh a cheannach

Dh’innis Urras Choimhearsnachd Phort Rìgh is a’ Bhràighe gu bheil airgead gu leòr aca a-nis airson Raon Poblach Phort Rìgh, an King George mar a thathas a’ toirt air, a cheannach bho Fearann Eilean Iarmain.

Tha iad air a bhith ag iomairt airson airgead a’ thogail fad grunn mhìosan, is iad an dòchas a phàirce agus goireasan eile faisg air làimh a leasachadh.

Tha an aithris seo aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill.