Sgioblachadh às dèidh Stoirm Ashley

Chaidh obair gus cabhsairean agus rathaidean a’ sgioblachadh tràth madainn an-diugh ann an Uibhist, an dèidh mar a dh’fhàg làn àrd an cois Stoirm Ashley, tuiltean agus sprùilleach air feadh an àite.

Lean troimhe-chèile air cuid de na seirbheisean-aiseig cuideachd.

‘S i Ashley a’ chiad stoirm ainmichte dhan t-seusan, agus thug i buaidh air mòran dha taobh siar na h-Alba.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.