An Eaglais Shaor: "Chan eil sinn a' smaoineachadh air co-thionalan a cheangal ri chèile"

Tha an t-Urramach Calum MacLeòid ag ràdh gu bheil amannan an eachdraidh na h-eaglaise far am bi gainnead mhinistearan ann
- Air fhoillseachadh
Tha an Eaglais Shaor ag ràdh nach cuir iad co-thionalan sna h-Eileanan an Iar an ceann a chèile ged a tha an treas cuid dhiubh gun mhinistear.
'S e a roghnaich Eaglais na h-Alba bho chionn ghoirid agus targaid aig Clèir Leòdhais na tha de mhinistearan aca sa sgìre a ghearradh.
Chan e sin suidheachadh Clèir Eaglais Shaor nan Eilean Siar ge-tà, aig a bheil 18 eaglais eadar Uibhist agus Nis.
Tha Modaràtor na h-Eaglaise, an t-Urr. Calum MacLeòid, ag ràdh gum bi amannan ann nuair nach bi na h-uimhir de mhinistearan ann.
Thuirt e: "Tha cearcallan ann an eachdraidh na h-eaglaise agus bidh co-thional bàn.
"Tha mi a' creids gu bheil e ceangailte ri tòrr mhinistearan a' tighinn a-steach dhan eaglais aig an aon àm agus tha iad a' retireadh aig an aon àm, agus tha sin a' fàgail beàrn.
"Na co-thionalan a tha gun mhinistear an-dràsta, tha iad làidir ann an àireamh agus tha iad làidir ann an ionmhas.
"Tha na coimhearsnachdan a' cur feum air ministearan a bhith suidhichte sna coimhearsnachdan fhèin.
"Aig an àm seo chan eil sinn a' smaoineachadh air co-thionalan a cheangal ri chèile," thuirt e.
'S iad na co-thionalan a tha bàn: Uibhist a Deas is Beinn na Faoghla, Calanais, Siabost, Barabhas, Steòrnnabhagh agus Pàirc.