Dìon ga dhèanamh air sgeama taic àiteachais

Tha Ministear an Àiteachais, Jim Fairlie, air a bhith a' dìon mar a chaidh sgeama-maoineachaidh airson tuathanaich agus croitearan a làimhseachadh.

Nochd mì-thoileachas am measg grunn chroitearan gun do chaill iad a-mach air taic-airgid.

Tha e air tighinn am follais gun deach cha mhòr an dàrna leth de na tagraidhean a dhiùltadh mus deach measadh a dhèanamh orra.

Tha barrachd aig Ailean Peutan.