"Dìreach gum bi sinn cinnteach gum bi earbsa againn san t-siostam"

Tha ceistean air croitearan a thaobh mar a chaidh airgead bho sgeama aig Riaghaltas na h-Alba a roinn a-mach.

'S ann airson obair àrainneachd a leasachadh ann an àiteachas a tha maoineachadh bhon FFIS.

Ach tha faireachdainn ann gur e glè bheag de chroitearan a fhuair càil idir às, agus tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba a-nis ag iarraidh soilleireachaidh bhon riaghaltas air mar a thachair.