"Bu toigh leam sgeulachd mar seo fhaicinn nuair a bha mi san sgoil"

Thèid leabhar cloinne Gàidhlig ùr fhoillseachadh a tha ag innse sgeul nan Afro-Ghàidheal ann an Alba agus mu chloinn a dh'fheumas dèiligeadh ri àrainneachd ùir.

'S ann mu dheidhinn tè òig à Zimbabwe a thàinig a dh'fhuireach ann an Alba a tha an sgeulachd, 'Anesu agus na Creutairean Uisge'.

'S e a' chiad leabhar a sgrìobh Tawana Maramba, 23, à Dùn Èideann agus 's ann stèidhichte air na dh'fhiosraich i fhèin a tha pàirtean den sgeulachd.