Moladh cìs na comhairle aig CnES àrdachadh 8%

Dhearbh Neach-gairm Chomhairle nan Eilean Siar Diciadain gum mol iad cìs na comhairle a chur an àird 8%.

Thànaig an naidheachd agus ùghdarasan ionadal air feadh Alba a' beachdachadh air ìre na cìse airson na bliadhna ionmhais a tha romhainn.

Tha Riaghaltas na h-Alba an dùil co-chomhairleachadh a chumail air a bhith a' toirt a-steach siostam do chisean ionadail an àite na cìs comhairle.

Tha barrachd aig Anndra MacFhionghain.