Naidheachdan 11:00m
Gàsa
Thadhail Steve Witkoff, tosgaire Dhòmhnaill Trump san Ear-Mheadhanach, air aon de na stèiseanan roinn-bìdh ann an Gàsa far a bheil grunn Phailistinianaich air am beatha a chall sna seachdainean a dh'fhalbh. Tha an UN ag ràdh gun deach na ceudan shìobhaltach a mharbhadh bho chionn ghoirid, le saighdearan a' losgadh orra nuair a tha iad a' cruinneachadh aig ionadan a tha gan ruith leis an GHF, buidheann a chaidh a chur air chois le Aimeireaga agus Isreal.
Margaidhean ionmhais
Thuit margaidhean earrannan Eòrpach an-diugh leis an naidheachd gu bheil an Ceann-Suidhe Trump air àrdachadh tharaifean a dhèanamh air bathar bho na deicheadan dhùthchannan. Bha prìomh mharagaidhen na Frainge agus na Gearmailte sìos 1.5% bho chionn ghoirid - leis am FTSE ann an Lunnainn a' tuiteam timcheall air 0.4%.
Ionnsaigh dhrabasta
Chaidh rannsachadh poilis a chur air chois ann an Druim na Drochaid às dèidh mar a dh'fhuiling gille aois ochd bliadhna ionnsaigh fheiseil aig làrach campachaidh sa bhaile. Thuirt oifigearan gun deach ionnsaigh a thoirt air a' bhalach tràth madainn Aordaoin fhad 's a bha e a' cadal san teanta aige air làrach campachaidh Bhàgh Loch Nis. Tha na Poilis ag ràdh gu bheil iad a' sireadh fireannach geal, a tha eadar 40 agus 50 bliadhna de dh'aois agus a tha maol, ann an co-cheangal ris a' chùis.
Tubaist air an A71
Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh às dèidh mar a bhàsaich fear aois 70 nuair a bhuail càr agus làraidh air an A71 faisg air Dreghorn ann an Siorrachd Àir a Tuath. Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm chun na làraich eadar cearcall-rathaid Corsehillmounte agus an Warrix Interchange goirid às dèidh 11.00m madainn an-dè. Bhàsaich an duine, a bh' aig cuibhle carbad Kia Ceed, aig làrach na tubaiste.
Dùblachadh an A9
Gheall Riaghaltas na h-Alba nach bi an còrr dàil ann a bhith a' dùblachadh an A9 eadar Peairt agus Inbhir Nis. Thuirt Rùnaire na Còmhdhail Fiona Hyslop, bhon seo a-mach gur e a-mhàin rudan nach eil fo smachd Holyrood, mar an aimsir, a dh'fhaodadh bacadh a chur air a' phròiseact.
Spiderman
Tòisichidh fiolm ùr Spiderman ga chlàradh ann an Glaschu an-diugh, le pàirtean de mheadhan a' bhaile a' dèanamh mac-samhail air sràidean New York. Mairidh am fiolmadh airson ceala-deug chun an 15mh den Lùnastal. Thèid rathaidean mar Shràid Bothwell, Sràid Blytheswood agus Sràid Pitt a dhùnadh rè ùine fhad 's a tha clàradh a' gabhail àite.