Obair-leasachaidh air Cultarlann Inbhir Nis

Chan eil ach beagan is bliadhna ann bho fhuair Gàidheil Inbhir Nis sealbh air seann eaglais sa bhaile gus Cultarlann a stèidheachadh innte.

Tha iad air obair a dhèanamh gus an t-àite a bhrosnachadh, ach cha bheag an obair a bha dhìth air an togalach.

Uill tha an obair sin a-nis air tòiseachadh, 's chaidh Màiri Riddoch a dh'fhaicinn mar a tha a' dol dhaibh.