Alba 'air dheireadh' le seirbheisean ADHD
Tha a' bhuidheann ADHD UK ag ràdh gur e cùis uabhais a th'anns an ìre de chùram an seo an Alba dhaibhsan air a bheil Attention Deficit Hyperactivity Disorder.
Tha dragh mòr orra às dèidh mar a chuir Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain stad air deuchainnean ADHD do dh'inbhich.
Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil mu 75% den fheadhainn air a bheil e aig nach eil fios.
Tha an aithris seo aig Doneil MacLeòid.