Dragh mu chrìochan-sgoile ann an Cataibh
Tha dragh air cuid de theaghlaichean ann an Cataibh mun bhuaidh a bheir criochan-sgoile ùra air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san sgìre.
Thathas a' togail sgoil ùr ann am Baile Dhubhthaich do chloinn eadar 3 is 18, ach tha beachd ann nach eil an sgìre-sgoile a tha Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh farsaing gu leòr 's nach fhaigh cuid an cothrom air foghlam Gàidhlig ri linn.
Seo Eileen NicDhòmhnaill.