Fearg mu na h-aiseagan an Uibhist a Deas

Tha luchd-gnothaich ann an Uibhist a Deas air uabhas a nochdadh mun dàil a bharrachd a bhios air làn sheirbheis aiseig a thilleadh thuca.

Leis an MV Isle of Lewis fhathast a-mach à seirbheis, bidh aig Uibhist a Deas agus Barraigh ri aiseag a roinn eatorra gu faisg air deireadh a' Mhàirt.

Tha Mìchael MacNèill ag aithris.