Beachdan gan sireadh mun phlana 'son Ionad nan Tursachan

Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar an t-seachdain sa chaidh gun deach cead a thoirt do leasachadh mòr aig Ionad Tursachan Chalanais air taobh Siar Leòdhais.

Thèid goireasan ùra a chur ris an togalach mar phàirt den phròiseact 'Calanais 2025'.

Cumaidh Àrainneachd Eachdraidheil Alba seiseanan poblach an t-seachdain sa airson beachdan a shireadh air na th' anns an amharc aca.

Tha Ailig John Moireasdan ag aithris.