Naidheachdan 11:00m

Iran

A rèir ùghdarrasan Israel, chaidh ochdnar a mharbhadh anns an treas oidhche de ionnsaighean Iràinianach air Tel Aviv, Haifa agus bailtean eile. Tha sin a' toirt na chaidh a mharbhadh ann an Israel bho thòisich an cogadh eadar an dà dhùthaich gu 24. Tha Iràn ag ràdh gun deach còrr air 200 a mharbhadh an sin bho thòisich ionnsaighean Israeleach orra Dihaoine.

Sgudal

Tha eòlaichean a' dèanamh dheth gum feum suas ri 100 làraidh san là a dhol le sgudal eadar Alba agus Sasainn nuair a thig casg air tìodhlaigeadh sgudail an Alba a-steach deireadh na bliadhna. Tha Riaghaltas na h-Alba ag aideachadh nach eil losgadairean gu leòr ann airson dèiligeadh leis an sgudal seo. Chan eil casg ga chur an sàs ann an Sasainn.

Tubaist

Chaidh fireannach a thoirt dhan ospadal an dèidh tubaist-rathaid ann an Uibhist feasgar an-dè. Thuirt na Poilis gun deach an gairm gu tubaist-rathaid ann an Gròigearraidh an Uibhist a Deas goirid ro 5:00f. Bha trì charbadan anns an tubaist. Bha an rathad dùinte fad còig uairean de thìde, 's ged a tha e air fosgladh, tha rannsachadh nam Poileas fhathast a' dol.

Comhairlean Coimhearsnachd

Thàinig còrr air 50 comhairle coimhearsnachd air a' Ghàidhealtachd còmhla a dh'iarraidh stad a chur air tuilleadh leasachaidhean mòra cumhachd gus an tèid poileasaidh nàiseanta a dhèanamh air am buaidh air an sgìre. Choinnich na comhairlean coimhearsnachd air an deireadh-sheachdain 's tha iad a-nis a' dol a dh'iarraidh air Riaghaltas na h-Alba sùil a thoirt air buaidh leasachaidhean cumhachd air coimhearsnachdan agus air an eaconomaidh.

Tunga

Tha dùil ri fireannach ann an Cùirt an t-Siorraidh an Steòrnabhagh an-diugh fhathast an dèidh mar a thachair aig togalach ann an Tunga an Leòdhas Dihaoine. Chaidh na Poilis a ghairm gu Clachan Biorach ann an Tunga, 's chaidh boireannach a thoirt dhan ospadal. Tha i air faighinn a-mach bhon uair sin. Chaidh am fireannach a chur an grèim agus casaid a chur air.

Aibhnichean

Chaidh stuth ceimigeach a dh'fhaodadh a bhith na cunnart do thorrachas dhaoine fhaighinn ann an aibhnichean feadh na Rìoghachd Aonaichte. Fhuaireadh searbhag trifluoroacetic - no TFA - ann an 31 den 32 abhainn air an do rinn iad deuchainn. 'S e Abhainn Nis air a' Ghàidhealtachd an aon thè anns nach robh e. Cha ghabh TFA briseadh sìos ann an ionadan glanaidh uisge, 's bidh e a' faighinn a-steach do thapaichean thaighean.