An Hector gus tilleadh dhan uisge le Splais Mhòr

An Hector
  • Air fhoillseachadh

Tillidh soitheach ainmeil an Hector dhan uisge aig Cidhe Phictou ann an Alba Nuadh Disathairne.

Tha àite air leth cudromach aig sgeulachd an Hector ann an eachdraidh eilthireachd nan Gàidheal.

Sheòl i às Ulapul ann an 1773 gu ruige Pictou ann an Alba Nuadh, no Mi'kma'ki mar a bha is mar a tha aig na tùsanaich, na Mi'kmaq, air an àite.

Thathas ga fhaicinn mar a' chiad ghluasad mhòr ann an eachdraidh eilthireachd nan Gàidheal dhan sgìre is Pictou ga mhargaidheachd fhèin mar "Àite-breith na h-Albann Nuaidh".

Bha 189 eilthireach air bòrd an Hector nuair a dh'fhàg i Taobh Siar Rois. 'S e Gàidheil a bha sa mhòr mhòr chuid is iad air tighinn bho sgìrean air feadh a' chinn a tuath.

Chaochail 18 de bha na air bòrd aig muir ann an turas a mhair 11 seachdain.

Fo-thiotal a’ bhidio,

An Hector gus tilleadh dhan uisge

Às dèidh dhaibh tighinn air tìr san t-Sultain 1773 bha taic nam Mi'kmaq glè chudromach dhaibh ann a bhith a' tighinn beò anns a' chiad dol a-mach.

Anns na 1990an thòisich pròiseact gus ath-chruthachadh den Hector a thogail is chaidh a cur dhan uisge aig Cidhe Phictou ann an 2000.

Thugadh i às an uisge bho chionn ceithir bliadhna gus slige an t-soithich a chàradh.

Gheibhear sreath de bhideothan air mar a chaidh an obair sin a dhèanamh an seo, taobh a-muigh.

'S e "Big Splash" a thathar a' gealltainn nuair a thilleas an Hector dhan uisge Disathairne is an obair a-nise ullamh.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Ailean MacLeòid ag aithris à Pictou ann an 2023 is 250 bliadhna ann bho ràinig an Hector

Tha an fheadhainn a tha air cùl a' phròiseict air dèanamh soilleir bho thùs gu bheil iad a' comharrachadh chan e a-mhàin eilthireachd nan Gàidheal ach cuideachd a' bhuaidh a thug seo air na tùsanaich is an càirdeas a bh' ann is a th' ann eadar na coimhearsnachdan, taobh a-muigh.

Mar sin bidh òrain luaidh is ceòl na pìoba ann Disathairne a thuilleadh air taisbeanadh de chultar Mi'kmaq.

Às dèidh dhan Hector tilleadh dhan uisge bidh an tuilleadh leasachaidhean aig a' chidhe gus sgeulachd nan tùsanach is nan eilthireach innse.

'S e am plana an t-àite a stèidheachadh mar thè de phrìomh làraichean dualchais Chanada.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Aithris fuaime bho Fred MacAmhlaigh air tachartasan ann am Pictou, Alba Nuadh, ann an 1973 gus comharrachadh 200 bliadhna bho thàinig an Hector air tìr