Naidheachdan 11:00m

Taraifean

Thig fios bhon Rìoghachd Aonaichte agus na Stàitean Aonaichte an-diugh mu aonta airson taraifean malairt nas lugha eadar iad. Thuirt an Ceann-suidhe Trump a-raoir gun tàinig iad gu aonta le dùthaich dha bheil spèis aca. Tha dùil gum faodadh taraif nas lugha a bhith air càraichean agus gearradh ann an cìs nan seirbheisean didseatach air companaidhean teic Aimeireaganach.

Ìre an Rèidh

Tha eòlaichean an dùil gun geàrr Banca Shasainn cairteal de 1% far ìre an rèidh an-diugh. Tha an ìre bhunaiteach aig 4.5 % an-dràsta.

Là VE

Tha comharrachadh air feadh na dùthcha an-diugh air 80 bliadhna dhan là bho stad an Dàrna Cogadh san Roinn Eòrpa. Tha seirbheis aig Abaid Westminster agus dà mhionaid de shàmhchair nàiseanta a' tòiseachadh aig meadhan-là.

Amharas Ullachadh Ceannairc

Tha coltas, a rèir fios dhan BhBC, gur e Ambasaid Israel ann an Lunnainn targaid buidheann de dh'fhireannaich Iràinianach a chaidh a chur an grèim ann an Sasainn Disathairne fo amharas gun robh iad ag ullachadh ceannairc. Tha ceathrar dhiubh sin fhathast an grèim agus fo cheasnachadh. Chaidh Ioràn às àicheadh gu tur gun robh gnothach aca ris.

Scottish Power

Bheir Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte iasad £600m do Scottish Power airson càballan ùra fo ghrunnd na mara sa Chuan a Tuath mar dhòigh air dealan a ghlèidheadh. Tha mòran de chumhachd dealain na h-Alba ga chall an-dràsta leis nach eil an griod mòr gu leòr airson a ghiùlain a Shasainn far a bheil iarraidh nas motha air.

Goid Uisge-bheatha

Tha poilis san Eilean Sgitheanach a' rannsachadh mèirle aig Taigh-staile Thalasgair feasgar na Sàbaid seo chaidh. Tha iad a' coimead ceathrar, triùir fhear agus boireannach, mu 30 bliadhna a dh'aois, le coltas Àisianach orra, fo amharas gun do ghoid iad uisge-beatha luachmhor. Chaidh iarraidh air duine as aithne dad mun chùis fios a chur air Poileas Alba air an àireimh-fòna 101.

HIAL

Dh'innis Companaidh Phort-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean gun deach cha mhòr 1.5 millean luchd-siubhail tro na puirt-adhair aca air a' bhliadhna mu dheireadh. Tha sin trì mìle a bharrachd air a' bhliadhna ron sin.