Leanaidh obair gus bàta-aisig ùr a cheannach do dh'Eilean Dhiùra

Cumaidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid orra a' feuchainn ri airgead fhaighinn gus bàta-aisig ùr a cheannach do dh'Eilean Dhiùra, ged nach eil iad air a bhith soirbheachail gu ruige seo.

'S e am plana a th' ann aon uair 's gun tèid bàta ùr fhaighinn gun tèid am bàta a th' ann an-dràsta - Eilean Dhiùra - a ghluasad gu slighe Luinn.

An uair sin bidh am bàta a tha ann an sin, am Belnahua - a tha còrr is leth-cheud bliadhna a dh' aois, a' cumail cùl taic ris an dà shlighe nuair a bhios feum oirre.

Seo Andreas Wolff.