Na h-Eileanan Siar is Inbhir Nis an riochd Minecraft
Tha an t-Suirbhidh Òrdanais, a bhios a' cruthachadh mhapaichean na Rìoghachd Aonaichte, air na h-Eileanan Siar agus Inbhir Nis ath-chruthachadh ann an riochd a' gheama Minecraft.
'S e Minecraft an geama-coimpiutair as soirbheachaile a th' ann agus chaidh còrr is 300m lethbhreac dheth a reic bho nochd e an toiseach ann an 2009.