Na h-Eileanan Siar ann am Minecraft

'S e an geama-coimpiutair as soirbheachaile a th' ann.

Nochd Minecraft an toiseach ann an 2009 agus bhon uairsin chaidh corr is 300m leth-bhreac dheth a reic.

A-nis tha an t-Suirbhidh Òrdanais, a bhios a' cruthachadh mhapaichean na Rìoghachd Aonaichte, air a dhol na lùib - agus tha na h-Eileanan Siar agus Inbhir Nis air an riochdachadh ann.

Tha Calum MacLeòid ag aithris.