Naidheachdan 11:00m

Buidseat

Thàinig an comharra as motha fhathast gum bi àrdachadh chìsean sa bhuidseat an ceann trì seachdainean. Thuirt an Seansalair Rachel Reeves na h-òraid aig Sràid Downing sa mhadainn an-diugh gum feum a h-uile duine cuideachadh. Thuirt i gum bi co-dhùnaidhean doirbh ann agus chuir i coire 'son sin air mì-chinnt air feadh an t-saoghail, toradh ìosal eaconomach agus cosgais nan sochairean. Thuirt i gum feuch i ri teaghlaichean a dhìon bho atmhorachd agus riadh àrd agus gun dèan i na dh'fheumas 'son gum bi an eaconomaidh seasmhach. Thuirt Ceannard nan Tòraidhean, Kemi Badenoch, nach eil plana ceart aig an t-seansalair.

Ionnsaighean

Tha poilis a' rannsachadh a bheil ceangal eadar fear a tha fo chasaid mu ionnsaigh sgeine air deichnear air trèana ann am Cambridgeshire agus trì tachartasan eile ann am Peterborough mus robh an ionnsaigh sin ann. Tha Anthony Williams, 32 bliadhna a dh'aois, air nochadh sa chùirt mar-tha fo chasaid gun do dh'fheuch e ri murt a dhèanamh.

Avanti West Coast

Tha dùil gun tòisich seirbheisean rèile a' chost an iar eadar Alba agus Sasainn a-rithist a-màireach an dèidh do thrèana le Avanti West Coast a dhol far na rèile ann an Cumbria sa mhadainn an-dè. Chaidh ceathrar a ghoirteachadh. Dh'innis Network Rail an-diugh gun deach an trèana a ghluasad agus na loidhichean os cionn na rèile a chàradh.

Croitearachd

Dh'iarr Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar aig Westminster, Torcuil Crichton, rannsachadh mun dòigh san deach taic airgead bho sgeama FFIS aig Riaghaltas na h-Alba a roinn. Tha gearainean ann nach d' fhuair croitearan ach glè bheag dhen airgead agus nach deach a sgaoileadh gu cothromach. Thuirt Ministear an Àiteachais, Jim Fairlie, gu bheil e a' gabhail ris gu bheil briseadh-dùil ann do mhòran ach gun deach 80% den taic gu gnothachasan beaga neo meadhanach mòr agus gun deach còrr is cairteal de na grantaichean dhan Ghàidhealtachd agus dha na h-eileanan.

Prìosanan

Thuirt ceannard Prìosan Glenochil ann an Siorrachd Chlach Mhanainn gu bheil siostam nam prìosan an Alba an ìmpis tuiteam às a chèile. Tha am prìosan a' strì ri cion luchd-obrach agus cus phrìosanach agus dh'iarr an riaghladair, Sharanne Findlay, air Pàrlamaid na h-Alba taic a chur ri sgeama 'son prìosanaich a shaoradh tràth. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' gabhail cheumannan 'son dèiligeadh ri mar a tha àireamh nam prìosanach a' sìor èirigh.