Drochaid ùr Eochdar

Chaidh drochaid-rathaid ùr fhosgladh gu h-oifigeal an-diugh eadar Glaschu 's Roinn Friù. Fhuair i maoineachadh tro Aonta Sgìreil Bhaile Ghlaschu, agus tha na Comhairlean air gach taobh de dh' Abhainn Chluaidh an dochas gun tig buannachdan eaconamach, sòisealta agus àrainneachdail na lùib.