Naidheachdan 11:00m

An Ucràin

Thuirt oifigich anns an Tuirc gun tòisich còmhraidhean sìthe eadar riochdairean Ucràinianach agus Ruiseanach ann an Istanbul feasgar an-diugh. Tha trì bliadhna bho bha còmhraidhean dìreach eadar Kyiv agus Mosgo mu dheireadh, ach chan eil mòran dòchais aig oifigich Aimeireaganach gun dèan iad adhartas.

Gàsa

Thuirt Buidheann Dìon Sìobhalta Ghàsa, a tha fo smachd Hamas, gun deach còrr is 50 duine a mharbhadh ann an ionnsaighean Israelach an-raoir, an dèidh dearbhadh air 120 bàs an-dè. Thuirt Israel gun cuir iad ionnsaigh mhòr armaichte air bhonn 's gun gabh iad smachd air Gàsa gu lèir mura bi aonta sìthe ann ro dheireadh cuairt a' Chinn-Suidhe Trump dhan Ear-Mheadhanach. Dh'innis an Ceann-Suidhe Trump air an là mu dheireadh de thuras dhan Ear-Mheadhanach nach tèid esan dha na còmhraidhean sìthe anns an Tuirc eadar an Ruis agus an Ucràin.

Cuideachadh gu Bàs

The deasbad ann an Taigh nan Cumantan an-dràsta air a' bhile airson cuideachadh gu bàs ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh trì là an dèidh do Holyrood bhòtadh ann am prionnsabal sin a cheadachadh gu laghail ann an Alba. Bheireadh an reachdas ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh cead do dh'fheadhainn air a bheil tinneas bàis agus le nas lugha na sia mìosan ri bhith beò am beatha a thoirt gu crìch le taic mheadaigich.

Bàs aig Muir

Fhuair luchd-teasairginn corp far an robh iad a' coimhead airson fear a chaidh a dhìth ann an geòla bheag far chladach Shalmhaigh Dimàirt. Thuirt poilis gun do chuir iad fios air teaghlach Alasdair Turnbull, 72 bhliadhna de dh'aois, agus gun tèid aithsig gu Neach-Casaid a' Chrùin.

Comhairle nan Eilean

Tha comharrachadh ann an-diugh air 50 bliadhna dhan là bho chaidh Comhairle nan Eilean a stèidheachadh. Ron sin bha Leòdhas còmhla ri Ros is Cromba, agus na Hearadh, Uibhist is Barraigh fo Shiorrachd Inbhir Nis. Dh'fhoillsich Comhairle nan Eilean Siar leabhar a chomharrachadh an 50 bliadhna, agus bidh cuirm aca ann an Steòrnabhagh a-nochd.