Naidheachdan 11:00m

Taigheadas

Tha suidheachadh taigheadais na h-Alba a' fàs nas miosa a rèir figearan ùra bliadhna air an là an-diugh fhèin bho ghairm an Riaghaltas suidheachadh èiginn. Tha cunntas-bheachd ùr ag ràdh gu bheil trioblaid le taigheadas aig còrr is 40% de dh'inbhich. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil iad a' cosg barrachd airgid air togail thaighean ùra agus air taighean aig prìs reusanta.

An Ucràin

Thuirt an Ceann-Suidhe Trump gum faodadh e fhathast a dhol gu còmhraidhean sìthe eadar an Ruis agus an Ucràin anns an Tuirc. Chan eil cinnt cuin a thòisicheas na còmhraidhean. Thuirt an Ruis gur ann an-diugh ach tha an Ucràin ag ràdh gur ann a-màireach. Cha bhi an ceann-suidhe Putin ann, ach thuirt riochdairean na Ruis gu bheil iad deònach obair chruaidh a dhèanamh.

An Eaconomaidh

Chuir am Prìomhaire fàilte air fàs nas motha na bha dùil - 0.7% - san eaconomaidh sna trì mìosan eadar am Faoilleach 's am Màrt. Thuirt Sir Keir Starmer gu bheil sin a' dearbhadh neart is comas na Rìoghachd Aonaichte. Thuirt na Tòraidhean ge-tà, gun do ghabh na Làbaraich os làimh an eaconomaidh a bu luaithe a bha a' fàs anns an G7, ach gu bheil iad a' cur sin ann an cunnart.

Oifis a' Phuist

Dh'innis cathraiche an rannsachaidh mu sgainneal Oifis a' Phuist Sir Wyn Williams, gum foillsich e a' chiad phàirt den aithisg as t-samhradh. Bidh an aithisg sin a' dèiligeadh ri dìoghaltas airson ana-ceartas a dh'fhuiling ceudan fo-mhaighstirean puist ann an sgainneal IT Horizon.

Gleann Ùige

Tha rannsachadh a' dol air adhart mu theine ann an dachaigh faisg air Gleann Ùige air taobh siar na Gàidhealtachd anns an do chaill boireannach a beatha. Tha e coltach gun do thòisich an teine goirid an dèidh 10:00m an-dè.

Cur Teine

Tha boireannach a tha 32 bhliadhna de dh'aois fo chasaid mu bhith a' cur teine a dh'aona-ghnothaich air Rathad a' Cheanadaich anns a' Ghearasdan sa mhadainn an-dè. Tha dùil rithe ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis.

Uisge

Dh'iarr Uisge na h-Alba air daoine an t-uisge a chùmhnadh cho math 's as urrainn dhaibh an dèidh toiseach bliadhna as tiorma ann an còrr is 60 bliadhna. Ach cha deach iad cho fada fhathast ri casg air pìoban hòs mar a bh' ann mu dheireadh bho chionn 30 bliadhna ann 1995.