Crathadh air structar Eaglais na h-Alba ann an Leòdhas air fàire

Bhiodh aonadh ann eadar co-thional Eaglais na h-Alba an Uig, a tha mar thà còmhla ri Eaglais Bheàrnaraigh, agus luchd-adhraidh Eaglais na h-Alba ann an Càrlabhagh
- Air fhoillseachadh
Chaidh gabhail ri plana fon tèid co-thionalan Eaglais na h-Alba ann an Leòdhas a cheangal còmhla agus lùghdachadh a thoirt air na tha de mhinistearan.
Fàgaidh an t-atharrachadh nach bi ministear làn-ùine dhaibh fhèin aig co-thionalan tuilleadh ach ann an Steòrnabhagh, far am bi fhathast trì eaglaisean fa leth.
Rachadh trì co-thionalan air an tuath aonachadh ri feadhainn am baile Steòrnabhaigh agus bhiodh còig co-thionalan dùthchail eil a cheangal ann an dà bhuidhinn.
'S e plana Clèir Leòdhais mar a leanas:
Cros, Nis còmhla ri Barabhas
Càrlabhagh còmhla ri Beàrnaraigh Leòdhais agus Ùig
High Steòrnabhaigh còmhla ris a' Chnoc
St Columba's Steòrnabhaigh còmhla ri Ceann Loch is Crosbost
Martin's Memorial Steòrnabhaigh (mar a bha i)
Chan e gun dùin na h-eaglaisean fhèin ach bi ministearean le uallach airson barrachd na aon cho-thional.
Tha sin a' ciallachadh gu bheil a' Chlèir a' coinneachadh ri an targaid gum bi còignear mhinistearan aca san eilean air fad.
Thuirt an t-Urramach Ùisdean Stiùbhart, a tha na mhinistear ann an Ùig agus Beàrnaraigh: "Chan e rud furasta a th' ann a thighinn gu co-dhùnadh oir tha e a' bualadh air na co-thionalan agus air sgìrean fa leth.
"Chaidh aontachadh ri gearradh bho 7.5 gu còig ministearan air feadh Leòdhais."

Bhiodh fhathast ministear fa leth aig Eaglais High Steòrnabhaigh cleas mar a bhios aig an dà cho-thional eile aig Eaglais na h-Alba sa bhaile
Tha Eaglais na h-Alba an-dràsta a' coimhead ris an obair aca air feadh na dùthcha is àireamhan nam ministearan a' tuiteam.
Tha mìosan ann on thòisich còmhraidhean mu leithid de chrathadh a thoirt ann an Leòdhas.
Ann am brath-naidheachd thuirt Clèir Leòdhais Eaglais na h-Alba: "Feumaidh Comataidh Eaglais na h-Alba ann an Dùn Èideann ris a bheil seo an urra, agus a choinnicheas ro dheireadh a' Ghiblin, taic a chur ri na co-dhùnaidhean ionadail."
Agallamh leis an Urramach Ùisdean Stiùbhart
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
- Air fhoillseachadh29 An t-Samhain 2023