Airgead ga ghealltainn airson aiseag ùr an àite an LOTI
Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop, gum bi maoineachadh ann 'son aiseag an àite an Lord of the Isles 's i a' bruidhinn aig 'coinneimh èiginn' mu aiseagan ann an Uibhist a Deas.
Dh'iarr muinntir Uibhist a Deas a' choinneamh 's fìor dhragh orra mun bhuaidh a tha cion sheirbheis aiseig a' toirt orra.
Seo Ailig John Moireasdan.