Naidheachdan 11:00m

Prògram Reachdais

Bidh am Prìomh Mhinistear, John Swinney, a' foillseachadh plana riaghlaidh an-diugh airson na bliadhna seo tighinn ro thaghaidhean Holyrood an ath-bhliadhna. Tha dùil ri gealltanas air leasachadh san NHS, gu h-àraid a thaobh dotairean teaghlaich, aig cridhe nam molaidhean, agus plana mu choinneimh bochdainn chloinne agus fàs eaconomaich.

Bhìosathan

Tha coltas gun dèan Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nas dorra e do chuid bhìosa fhaighinn seach gur iad daoine às na dùthchannan sin as buailtiche fuireach nas fhaide na bu chòir agus comraich iarraidh. Dhèanadh na riaghailtean ùra nas dorra e do dh'fheadhainn à dùthchannan mar Phagastan, Nigeria agus Sri Lanka tighinn gu cosnadh agus oideachadh anns an Rìoghachd Aonaichte.

A' Ghearmailt

Dh'fhuiling Friedrich Merz buille ris nach robh dùil na iomairt airson a bhith na Sheansalair sa Ghearmailt nuair a bha e sia bhòt gann air na tha a dhìth air. Tha sin a' ciallachadh gun do bhòt feadhainn sa phàrtaidh CDU aige fhèin, no bho na Deamocrataich Shòisealta an th' ann an co-bhanntachd riutha na aghaidh no gun do sheachain iad bhòtadh. Chan eil cinnt cuin a bhios an dàrna bhòt ann.

Gàsa

Dh'innis àrd-oifigeach aig Hamas nach eil adhbhar sam bith ann an còmhraidhean mu Ghàsa fhad 's a tha Israel ri cogadh a tha a' dèanamh gorta am measg Phailistinianach. Tha dragh air an UN mu phlana ùr Israelach airson smachd a ghabhail air Gàsa gu lèir agus air cobhair dhan sgìre.

An Ucràin

Thuirt ministreachd dìon na Ruis gun tug an Ucràin còrr is 100 ionnsaigh dhròna air an dùthaich an-raoir. Dh'innis Mèar Mhosgo gun do chuir iad stad air còrr is 20 dròna mus do ruig iad am baile.

Tesla

Tha figearan ùra bho ghnìomhachas nan càraichean ag ràdh gun robh lùghdachadh 62% sna chaidh a reic de chàraichean dealain ùra na companaidh Tesla air a' bhliadhna dhan Ghiblean. Bha lùghdachadh den aon sheòrsa air feadh na h-Eòrpa agus anns na Stàitean Aonaichte sna beagan mhìosan mu dheireadh.