Naidheachdan 11:00m

Cunntas-sluaigh - Gàidhlig

Tha àrdachadh mòr ann an àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig, a rèir figearan a dh' fhoillsich an cunntas-sluaigh. Thuirt còrr air 69,000 duine gun robh comas labhairt aca sa chànan air feadh Alba - àrdachadh de 12,000 neach. Ach tha comasan-labhairt air crìonadh anns na h-Eileanan Siar. Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.

Aig a' chunntas mu dheireadh ann an 2011, 's e 57,000 duine a thuirt gum bruidhneadh iad Gàidhlig. Tha sin air a dhol an àird ann an àireamhan an là an-diugh gu còrr air 69,000 - suas 12,000 is àrdachadh de 21%. Tha e a' ciallachadh gu bheil 1.3% de mhuinntir na h-Alba a' bruidhinn Gàidhlig, an taca ri 1.1% anns a' chunntas mu dheireadh. Ach tha an cànan air crìonadh anns na fìor choimhearsnachdan Gàidhlig. Tha i sìos còrr air 2,600 anns na h-Eileanan Siar. Tha e a' ciallachadh gu bheil nas lugha na dàrna leth muinntir nan eilean air chomas Gàidhlig a bhruidhinn airson a' chiad uair - sios 7% gu 45%. Ach tha an àireamh luchd-labhairt an-àirde 8% air a' Ghàidhealtachd agus 4% ann an Earra-Ghàidheal. Tha luchd-labhairt ann an Glaschu suas 3000 gu faisg air 9000, agus ann an Dùn Èideann suas 1500 gu còrr air 4500. Thuirt 46,000 air feadh Alba gun robh iad a' tuigsinn Gàidhlig ged nach bruidhneadh iad i. Agus tha 130,00 duine an Alba ag ràdh gu bheil sgilean cànain air choireigin aca sa Ghàidhlig - sin 2.5% den t-sluagh.

Cunntas-sluaigh - rudan eile

Tha an cunntas-sluaigh cuideachd a' sealltainn, airson a' chiad uair a-riamh gu bheil mòr-chuid de dh'Albannaich ag ràdh gu bheil iad gun chreideamh. Thuirt beagan thairis air 51% nach robh creideamh aca, àrdachadh de chòrr is 14% bhon chunntas-sluaigh mu dheireadh ann an 2011. Tha àireamhan bho Chlàraidhean Nàiseanta na h-Alba cuideachd a' sealltainn gu bheil an àireamh de dhaoine bho mhion-shluaghan air èirigh gu 13%, an taca ri 5% bho chionn trì bliadhna deug.

Sgainneal na fala

Foillsichidh an riaghaltas fiosrachadh mionaideach an-diugh fhathast mu sgeama dìolaidh dhaibhsan a dh'fhuiling san sgainneal mu fhuil thruaillte. Tha e air aithris gun deach timcheal air £10b a chur ma choinneamh na sgeama. Cho-dhùin an rannsachadh poblach a chaidh a dhèanamh air a' chùis gun do dh'fheuch dotairean seirbheis nàiseanta na slàinte agus diofar riaghaltasan ris an fhìrinn a chleith thar nam bliadhnaichean. Thuirt an riaghaltas gun tèid molaidhean an rannsachaidh a chur an gnìomh gun dàil.

Jersey

Ni Pàrlamaid Jersey deasbad air am bu chòir bàs le taic a cheadachadh air an eilean. Faodaidh Jersey, a tha fo eisimeileachd a' chrùin, na laghan aca fhèin a dhealbhachadh air a' chuspair. Tha an gluasad a thèid mu choinneamh seanadh nan stàitean a' moladh gun biodh bàs le taic fosgailte do dh'euslaintich a tha a' fulang tinneasan mairbhteach, agus do dh'fheadhainn a tha a' fulang cràdh eagallach nach gabh a leigheas.

Ospadal Phort Rìgh

A rèir chomhairliche Sgitheanaich, cuiridh Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd plana chun an riaghaltais ro dheireadh na seachdain air a bhith ag ath-stèidheachadh sheirbheisean èiginneach làn-ùine aig Ospadal Phort Rìgh. Bha Iain Fionnlasdan a bruidhinn às dèidh dha fhèin agus comhairlichean eile coinneachadh ri àrd-oifigear NHS na Gaidhealtachd an-dè.

Ionnsaigh XL Bully

Tha poilis fhathast an làthair aig taigh air taobh sear Lunnain far an deach boireannach a mharbhadh le dà chù XL Bully a bh' air an clàradh le na h-ùghdarrasan. Dh'fheuch criutha paramedic ri cobhair a dhèanamh air a' bhoireannach, a bh'anns na 50an, na dachaigh ann an Hornchurch feasgar an-dè, ach chaochail i aig an làraich. Tha e air a thuigsinn gur e seo a' chiad ionnsaigh mhairbhteach le XL Bullies clàraichte bhon a thàinig riaghailtean ùra a-steach ann an Sasainn na bu tràithe air a' bhliadhna.