Am Bac fhathast aig mullach na lìge
'S iad Am Bac a tha fhathast aig mullach Lìog Leòdhais agus Na Hearadh às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Càrlabhagh 4-1.
Le dìreach dà phuing eatorra ron gheam, rinn tadhail bho Stevie Mutch, Louie Dòmhnallach, Seumas Moireach agus Jamie MacDonald cinnteach gun togadh Am Bac na trì puingean an Col Uarach.
Dh'fhosgail sin a' bheàrn eadar na sgiobaidhean gu còig puingean ged a tha geam a bharrachd aig Càrlabhagh ri chluich.
Tha an Taobh Siar ge-tà fhathast dìreach dà phuing far a' mullaich, às dèidh dhaibhsan a' chùis a dhèanamh air United Steòrnabhaigh 6-0.
Ghluais an Rubha nas fhaisge air na sgiobaidhean aig a' mhullach às dèidh dhaibh droinneadh a thoirt do Na Hearadh, 10-0.
Agus rinn Na Lochan a' chùis air Athletic Steòrnabhaidh 2-0.