Dòmhnall Trump a' moladh dùthaich a mhàthar

A thuilleadh air ceistean mu chùisean mòra tomadach mar cogadh na h-Ucràin, staing nam Palastaineach, taraifean agus aontaidhean malairt, chaidh fhaighneachd don Cheann-suidhe Trump mu ciamar a bha a' chuairt aige a dh'Alba a' còrdadh ris.

Chleachd an Ceann-suidhe an cothrom airson na ceanglaichean Albannach aige a dhaingneachadh, agus e gu h-àraid a' moladh tìr a mhàthar, Eilean Leòdhais.

Ach ciamar a tha muinntir Leòdhais a' faireachdainn mu mholadh a' Chinn-suidhe agus an cuireadh iad fàilte air Mgr Trump nan tadhaladh e air dùthaich a mhàthar?