Taisbeanaidhean mu phlana bùth Tesco a thogail am Port Rìgh
Thèid dà thaisbeanadh agus cothrom conaltraidh a chumail san Eilean Sgitheanach air a' mhìos seo mu phlana bùth Tesco agus stèisean connaidh a thogail aig Bealach nan Dròbhairean ann am Port Righ.
Tha gearanan gan togail san Eilean nach eil farpais idir aig a' Cho-op anns an sgìre.
Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag aithris.