"Tha iomadh rud mìorbhaileach a' tachairt nuair a bhios sinn a' seinn còmhla."

Tha buidheann ann am baile beag anns na Crìochan air a bhith a' coinneachadh airson sailm Ghàidhlig a sheinn.

'S e Rob MacNeacail a bhios a' stiùireadh a' chruinneachaidh.

Thàinig am beachd airson buidheann mar seo a stèidheachadh à seirbheis chuimhneachaidh dha athair - am bàrd cliùiteach Aonghas Dubh MacNeacail - nuair a roghnaich Rob gum bu chòir sailm Ghàidhlig a bhith mar phàirt dhi.