"Còmhraidhean tlachdmhor" mu Àrainn Steòrnabhaigh

Thàinig grunn bhuidhnean còmhla ann an Steòrnabhagh 'son deasbad mar a ghabhas inbhe, àite is cleachdadh na Gàidhlig sa bhaile a leasachadh le sùil gu h-àraidh air buannachdan eaconomach.

'S e Àrainn Steòrnabhaigh ainm a' phròiseict is Comhairle nan Eilean Siar aig an stiùir.

Bha faireachdainn am measg na bha an làthair gu bheil miann ann an gnothach a thoirt air adhart.