Casg do dhaoine òga air na meadhanan-sòisealta?

Am bu chòir do dhaoine òga a bhith air an casg bho na meadhan-sòisealta? Sin ceist a tha ga thogail am measg chòmhraidhean a tha a dol aig ìre Pàrlamaid Westminster, agus draghan ann mun a bhuaidh a tha a bhith air-loidhne a' toirt air cloinn.

Tha Astràilia mar tha air clann fo aois 16 a chasg bho a bhith air na meadhanan-sòisealta às dèidh deasbad mun na chì ògannaich air-loidhne. Ach a bheil sin a dol ro fhada?

Seo Ruairidh Alastair MacIllFhinnein.