Mì-chinnt fhathast mu Dhrochaid an Taigh-eiridinn
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach urrainn dhaibh innse le cinnt cuin a dh'fhosglas Drochaid an Taigh-eiridinn ann an Inbhir Nis.
Tha an drochaid air a bhith dùinte bhon Lùnastal agus pàirt den structar, a chaidh a thogail ann an 1881, briste.
Tha sinn air a bhith a' bruidhinn ri Emily NicDhòmhnaill a tha tric a' cleachdadh na drochaid, agus ris a' chomhairliche Ailig Greumach.