Sgioba bhàt-aiseig Ghleann Eilg ag obair aig peilear am beatha

Tha dùil gum bi seirbheisean còmhdhail car troimh-chèile anns na làithean ri thighinn is dùil ri Stoirm Amy.

A rèir a' bhideo seo a fhuair sinn, tha e coltach gu bheil sgioba bhàt-aiseig Ghleann Eilg - agus Niall an cù - mar-thà ag obair aig fìor astar mus tig an droch aimsir.