An "croitear craicte" ag amas air maith na h-àrainneachd

Tha dùil gun toir Riaghaltas na h-Alba atharrachadh air Bile na Croitearachd a tha a' dol tro Holyrood an-dràsta.

Tha seo agus buill na Pàrlamaid Albannaich agus Coimisean na Croitearachd air draghan a thogail mu dheidhinn.

Am measg eile, tha dùil gun tèid teannachadh a dhèanamh air earrann a tha ag amas air cùisean a dhèanamh nas fhasa do chroitearan a bhith ag obair gu maith na h-àrainneachd às aonais chead nan uachdaran.

Tha BBC Naidheachdan air a bhith a' tadhal air fear a tha ag ràdh gu bheil e ris an obair sin roimhe.