Cidhe ùr Chàraboist gus a bhith deiseil

Thathas an dùil gun tig obair gu ceann ro dheireadh na mìos air cidhe agus caladh Chàraboist san Eilean Sgitheanach, le sreath de phontoons gan cur a-steach an àite na beagan a bh' ann roimhe.

Airson airgead a shàbhaladh, chaidh seann phìosan mòra concrete a tharraing ann às a' Chuimhrigh, leis an obair a tha dol air adhart anns a' chala fhèin uile ga dèanamh gu saor-thoileach le muinntir an àite.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.