Fiosan Alba Chruthachail

Thàinig fios an t-seachdain seo dè na buidhnean agus ionadan ealain a gheibh airgead bho Alba Chruthachail anns na bliadhnaichean ri teachd.

Uile gu lèir, gheibh còrr air dà cheud gu leth buidheann maoineachadh thairis air trì bliadhna, le cuid eile a' faighinn taic-airgid airson ùine nas giorra.

Bha Comhairle nan Leabhraichean agus Theatre gu Leòr am measg nam buidhnean culturail a shoirbhich, ach bha bristeadh-dùil ann do chuid eile, mar a tha Eilidh NicÌomhair ag aithris ...