Iomairt an Ìle airson buidheann ciad chobhair
'S iongantach aig aois 80 mur a bi a' chuid as motha againn feumach air beagan cuideachaidh bho dhaoine eile.
Ach ann an Ìle chan eil fad sam bith bho rinn Tormod MacFhionghain cobhair èiginneach air neach eile.
Rinn e sin gu saor-thoileach, ach tha muinntir an eilein a-nis a' sealltainn ri buidheann foirmeil ciad chobhair a stèidheachadh mar a tha aca ann an àitichean eile. Tha an aithris seo aig Andreas Wolff.