Fuasgladh maireannach a dhìth a thaobh aiseig Loch Baghasdail

Dh'iarr Ceannard Comhairle nan Eilean Siar "fuasgladh maireannach" airson seirbheis aiseig Loch Baghasdail an dèidh mar a chaidh a cur dheth uair eile.

Bha Pòl Steele a' bruidhinn agus an Lord of the Isles feumach air obair-càraidh an t-seachdain seo, rud a dh'fhàg Loch Baghasdaill às aonais seirbheis a-rithist.

Dh'iarr Mgr Steele "fuasgladh maireannach" dhan sgìre.

Le tuilleadh, seo Eileen NicDhòmhnaill.