ICT gu h-oifigeil a-mach à rianachd
Dhearbh Caley Thistle Inbhir Nis gu h-oifigeil gu bheil iad air tighinn a-mach à rianachd.
Ghabh a' bhuidheann-rianachd BDO smachd air a' chluba san Dàmhair an-uiridh, agus mì-chinnt mhòr air a bhith a' cuairteachadh Caley Thistle anns na mìosan ron an sin.
'S e am fear-gnothachais Alan Savage aig a bheil an cluba a-nis.
Le tuilleadh, seo Eilleen NicDhòmhnaill.