Duaisean Dèan Diofar : Lorna NicCarmaig

Ma tha tachartas sam bith a' dol air adhart ann am Port Rìgh, faodaidh tu a bhith cinnteach gum bi Lorna NicCarmaig na lùib ann an dòigh air choireigin.

'S e an obair mhòr a tha Lorna a' dèanamh às leth na coimhearsnachd a tha a' fàgail gun deach a cur air adhart airson Duaisean Dèan Diofar BBC Radio nan Gàidheal.