"'S e deireadh Clann Dòmhnaill a th' ann ann an Slèite"
Tha mì-chinnt ann an Slèite fhathast a dh'aindeoin is gun tàinig dearbhadh Dimàirt gun deach aonta a dhèanamh 'son Oighreachd Cheann a Deas Shlèite is Caisteal Armadail a reic.
Tha feadhainn sa choimhearsnachd ag ràdh nach eil iad a' faighinn fiosrachaidh mun chùis fhathast.
Thuirt Bòrd Urras Chlann Dòmhnaill nach tèid luchd-ceannaich ainmeachadh airson deagh ghreis.
A rèir Theàrlaich MhicGilleBhràith, a tha na chroitear ann an Àird Shlèite, 's e deireadh linne a th' ann, ged a tha ag ràdh gur dòcha gun tig buannachd às.