Deireadh Linn Bhictoria

Chaidh am mathan-bàn as sine sa Rìoghachd Aonaichte a chur gu bàs Dimàirt aig Pàirce Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd.

Bha luchd-obrach na pàirce air mothachadh gun robh Bhictoria, a bha 28 bliadhna de dh'aois, air fàs gu math slaodach sa bhliadhna no dhà mu dheireadh agus bha i a' faighinn leigheis airson tinneas nan alt.

'S urrainn do mhathain-bàn a bhith beò gu còrr is 30 bliadhna de dh'aois.

Dhaibhsan a tha fiadhaich cha ruig iad ach eadar 15 agus 18 bliadhna de dh'aois mar as trice.