Àireamhan a' Mhòid "gu math fallain"

Tha an Comunn Gàidhealach a' cur ann an cuimhne dhaoine gu bheil gu deireadh na mìos aca gus na h-ainmean aca a chur a-steach airson a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail an Loch Abar.

Tha Àrd-Oifigear a' Chomuinn, Seumas Greumach, ag ràdh gu bheil na h-àireamhan an-dràsta "gu math fallain", is sùil aca cuideachd ri tòrr fharpaiseach às an sgìre fhèin.