Buaidh àm Covid air eaglaisean
Aig àm Covid dhùin cha mhòr a h-uile càil, gu h-àraidh càil sam bith far an robh daoine a' cruinneachadh còmhla.
Nam measg iad sin bha eaglaisean na dùthcha.
Dhùin a h-uile tè dhiubh, a' fàgail na milleanan gun àite adhraidh.
Tha Stephen MacLeòid a toirt sùil air ais air mar a dhèilig eaglaisean agus co-thionalan ris an glasadh, agus am buaidh maireannach a thug e orra.