'Chan eil clàr-ama ann' do dh'ospadal ùr a' Ghearasdain

Tha Rùnaire Slàinte na h-Alba air dearbhadh Diciadain nach eil clàr-ama ann fhathast 'son ospadal ùr a rachadh an àite Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan.

Bha Niall Gray sa bhaile gus coinneachadh ri luchd-iomairt slàinte.

Chuala e cuideachd mu na draghan a th' ann gu bheilear a' dunadh Dachaigh Cùraim Moss Park ann an Caol a' Ghearasdain.

Tha an aithris seo aig Seonaidh MacCoinnich.