Modaràtair ùr: "'S e urram air leth a th' ann"

Tha an t-Urramach Calum Iain MacLeòid ag ràdh gur e "urram air leth" a th' ann dha a bhith air ainmeachadh mar an ath mhodaràtair dhan Eaglais Shaoir aig àrd-sheanadh 2026.

Thuirt Mgr MacLeòid gu bheil dùil aige gu bheil obair mhòr air thoiseach air.