Pàrantan Linda Norgrove a' faighinn OBE

Lorna agus John NorgroveTùs an deilbh, PA Media
  • Air fhoillseachadh

Tha Lorna agus John Norgrove, a stèidhich cathrannas mar chuimhne air an nighean a chaidh a mharbhadh an Afganastan, am measg na chaidh aithneachadh ann an Liosta Urraman Co-là Breith an Rìgh.

Bha Linda Norgrove à Ùig ann an Leòdhas na neach-obrach cobhair ann an Afganastan nuair a thug na Taliban am bruid i.

Chaill i a beatha nuair a dh'fheuch feachdan Aimeireaganach ri a saoradh san Dàmhair 2010.

Stèidhich a pàrantan Bunait Linda Norgrove airson taic a chumail ri foghlam agus slàinte bhoireannach agus an cuid chloinne ann an Afganastan.

Thuirt a' chàraid: "'S e urram a th' ann gun deach aithne a thoirt dhan obair a tha Bunait Linda Norgrove a' dèanamh."

Linda Norgrove ann an AfghanistanTùs an deilbh, BUNAIT LINDA NORGROVE
Fo-thiotal an deilbh,

Stèidhich pàrantan Linda Norgrove cathrannas na h-ainm airson leantain leis an obair a bha cho dlùth dhi

Tha an obair aca ann an Afganastan air leantainn a dh'aindeoin nan dùbhlan ùra an cois riaghladh na Taliban, a ghabh smachd air an dùthaich uair eile ann an 2021.

Le taic Oifis nan Dùthchannan Cèin chaidh aig Lorna agus John Norgrove air dithis pheathraichean a bha ag obair dhaibh ann an Kabul agus cuid de na càirdean aca fhaighinn às an dùthaich.

Tha Frishta Matin fhathast ag obair còmhla riutha bho a dachaigh ùr ann an Steòrnabhagh agus i air a dhol na h-urrasair air a' bhunait cuideachd.

Thòisich obair na Bunait nuair a bha cogadh san dùthaich ach ged a tha sin seachad, tha John Norgrove ag ràdh gu bheil "boireannaich ann an suidheachadh uabhasach ann an Afganastan".

Tha na Taliban air cha mhòr casg buileach a chur air boireannaich bho bhith ag obair agus foghlam aig àrd-ìre a dhèanamh.

Thuirt Lorna: "Chan eil cead aca a dhol a-mach gun fear a tha càirdeach dhaibh a bhith còmhla riutha.

"Tha na h-uimhir de bhacaidhean orra agus tha mi den bheachd gu bheil seo ag adhbharachadh tòrr thrioblaidean le an slàinte-inntinn."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Dh'obraich a' Bhunait le riaghaltasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte gus 19 boireannach òga a thoirt à Afganastan a dh'Alba airson crìoch a chur air na cùrsaichean meidigeach aca agus na Taliban air casg a chur orra bho bhith a' dol dhan oilthigh.

Tha dithis aca dìreach an dèidh seachdain a chur seachad an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh, agus tha John agus Lorna ag ràdh gu bheil iad uile a' dèanamh gu math.

Tha a' Bhunait an-dràsta ag obair air pròiseact ùr còmhla ri Oilthigh British Columbia ann an Canada a bheir cùrsaichean air loidhne do bhoireannaich a th' airson a dhol nan dotairean.

Tha iad cuideachd ag obair còmhla ri ospadalan poblach ann an Kabul a' pàigheadh airson cungaidhean-leigheis agus scanaichean a dh'fheumas boireannaich.

Lorna Norgrove a' cur fàilte air oileanach meidigeach Tùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Lorna is John Norgrove a' cur fàilte air na h-oileanaich à Afganastan a thàinig a dh'Alba airson cumail orra a dhol nan dotairean an dèidh don Taliban sin a chasg

Gu ruige seo tha iad air timcheall air £4m a thogail agus a' cur a-mach mu £10,000 a h-uile seachdain air na pròiseactan aca.

Thuirt na Norgroves: "'S e cathrannas gu math beag a th' annainn air a ruith gu saor-thoileach gu ìre mhòr le daoine aig a bheil an aon amas - piseach a thoirt air beathannan bhoireannach agus chloinne ann an Afganastan."

Thuirt Lorna agus John: "Tha an t-urram seo a' dol do na boireannaich chalma a tha ann an Afganastan fhathast, agus dhaibhsan a dh'fhàg an dachaighean agus an teaghlaichean airson a dhol a-null thairis airson leantainn orra le an cuid foghlaim agus dreuchdan.

"Tha an t-strì acasan a' leantainn agus 's iad fìor bhana-ghaisgich na sgeulachd seo."