Dìth chòraichean daonna aig muinntir na Gàidhealtachd is nan Eilean

A-rèir athaisg ùr, tha cuid do sheirbheisean air a Ghàidhealtachd 'snan eilean cho truagh 's nach eil iad a coinneachadh ri còraichean bunaiteach a' chinne-daonna.

Rinn Coimisean Còirichean Daonna na h-Alba sgrùdadh air an t-suidheachadh ann an Earra Ghàidheal is Bhòid, na h-Eileanan an Iar, Roinn na Gàidhealtachd, Moirbh agus na h-Eileanan ma Thuath.

Fhuair iad gu bheil cus dhaoine acrach, gun dachaidh agus gun chothrom air cùram-slainte.

Tha an aithris seo aig Ruairidh Rothach.